| Chapter 2 |
1 |
Agus thill e gu Capharnaum an ceann beagan laithean, agus chualas gun robh e aig an tigh.
|
2 |
Agus chruinnich na h-uimhir, `s nach robh aite aca eadhon timcheall an dorais, is labhair e am facal riutha.
|
3 |
Agus thainig iad ga ionnsuidh a toirt leo duine, air an robh am pairilis, air a ghiulan le ceathrar.
|
4 |
`Sa chionns nach b` urrainn dhaibh a chur `na lathair le domhlachd an t-sluaigh, ruisg iad mullach an tighe far an robh e; `S air dhaibh fosgladh a dhianamh, leig iad sios an leaba air an robh fear na crithe `na laidhe.
|
5 |
`S nuair chunnaic Iosa an creideamh, thuirt e ri fear na crithe: A mhic, tha do pheacannan mathte dhut.
|
6 |
Ach bha cuid de na Sgriobhaich `nan suidhe an sin, `sa smaoineachadh `nan cridheachan:
|
7 |
Carson a tha e a bruidhinn mar so? tha e labhairt blaisbheum. Co is urrainn peacannan a mhathadh, ach Dia `na aonar?
|
8 |
Dh` aithnich Iosa san uair `na spiorad fhein gun robh iad a smaoineachadh so aca fhein, is thuirt e riutha : Carson tha sibh a smaoineachadh nan nithean sin `nur cridheachan?
|
9 |
Co dhiu is fhasa radh ri fear na crithe: Tha do pheacannan mathte dhut; no radh: Eirich, tog do leaba, agus coisich?
|
10 |
Ach los fios a bhith agaibh gu bheil comas aig Mac an duine peacannan a mhathadh air talamh (thuirt e ri fear na crithe,)
|
11 |
Tha mi ag radh riut: Eirich, tog do leaba, agus falbh dhachaigh.
|
12 |
Agus ghrad-dh` eirich e: `sa togail a leaba, dh` fhalbh e `nam fianuis uile; air chors gun do ghabh iad ioghnadh air fad, `s thug iad gloir do Dhia, ag radh: Chan fhaca sinn riamh a leithid so.
|
13 |
Is chaidh e mach a-rithist gu taobh na mara; agus thainig an sluagh uile ga ionnsuidh, is theagaisg e iad.
|
14 |
`S nuair a bha e gabhail seachad, chunnaic e Lebhi Mac Alpheuis `na shuidhe an tigh na cise, is thuirt e ris: Lean mise. `S ag eirigh, lean e e.
|
15 |
Agus thachair, nuair a bha e `na shuidhe aig biadh `na thigh-san, gun do shuidh moran chismhaor is pheacach maille ri Iosa agus a dheisciopuil: oir bha moran ann, a lean e.
|
16 |
Agus na Sgriobhaich `s na Phairisich a faicinn gun robh e ag ithe comhla ri cismhaoir agus peacaich, thuirt iad ri dheisciopuil: Carson a tha ur maighistir ag ithe `s ag ol comhla ri cismhaoir agus peacaich?
|
17 |
Air do Iosa so a chluinntinn, thuirt e riutha: Chan eil feum aig daoine slana air lighich, ach aig daoine tinne: oir cha tainig mi a ghairm nan naomh ach nam peacach.
|
18 |
Agus bha deisciopuil Eoin `s nam Phairiseach a trasgadh; agus thainig iad, is thuirt iad ris: Carson tha deisciopuil Eoin `s nan Phairiseach ri traisg, agus nach eil na deisciopuil agadsa ri traisg?
|
19 |
Is thuirt Iosa riutha: An urrainn clann na bainnse trasgadh, fhad sa bhitheas fear-na-bainnse comhla riutha? Fhad sa bhitheas fear-na-bainnse comhla riutha, chan urrainn dhaibh trasgadh.
|
20 |
Ach thig na laithean anns an toirear bhuatha fear-na-bainnse: agus an sin ni iad traisg anns na laithean sin.
|
21 |
Chan fhuaghail duine sam bith breid de dh` aodach ur air seann eideadh: air-neo bheir am breid ur a liad fhein as an t-seann aodach, is bithidh an stracadh nas mua.
|
22 |
Agus cha chuir duine sam bith fion ur ann an seann searragan: air-neo sgainidh am fion na searragan, is doirtear am fion, agus caillear na searragan: ach is coir fion ur a chur an searragan ura.
|
23 |
Is thachair a rithist, nuair a bha an Tighearna triall tro achaidhean arbhair air an t-sabaid, gun do theann a dheisciopuil, `s iad a gabhail air adhart, ri spioladh dhias.
|
24 |
Is thuirt na Phairisich ris: Seall, carson tha iad a dianamh air latha na sabaid ni nach eil ceadaichte?
|
25 |
Is thuirt e riutha: Nach do leugh sibh riamh, ciod a rinn Daibhidh, nuair a bha e feumach `s air acras, e fhein agus iadsan a bha cuideris?
|
26 |
Mar a chaidh e stigh do thigh Dhe ri linn Abiathair an t-ard-shagart, agus dh` ith e an t-aran-tairgse, nach robh ceadaichte itheadh, ach do na sagairt, agus thug e dhaibhsan a bha comhla ris ?
|
27 |
Is thuirt e riutha: Rinneadh an t-sabaid air son an duine, `s chan e an duine air son na sabaid.
|
28 |
Mar sin se Mac an duine Tighearna na sabaid fhein.
|